Taic-airgid do chaladh Steòrnabhaigh

  • Air fhoillseachadh
Ùghdarras Port Steòrnabhaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha obair air tòiseachdadh air cidhe na h-aiseig mar-thà, ged a tha planaichean ann airson leasachaidhean mòra a bharrachd.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun seall iad ri tuilleadh taic-airgid a chur ri leasachadh caladh Steòrnabhaigh.

Mar phàirt den turas aige dha na h-Eileanan, dh'fhoillsich Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, taic-airgid de cha-mhòr £10m airson leasachadh aig a' phort.

Tha obair air tòiseachdadh air cidhe na h-aiseig mar-thà, ged a tha planaichean ann airson leasachaidhean mòra a bharrachd.

Thuirt Ùghdarras Port Steòrnabhaigh gu bheil iad ag iarraidh alt-aiseig ùr airson cidhe a' bhàta-bathair, agus gu bheil iad cuideachd a' coimhead air leasachadh luach na milleanan notaichean a dheànamh air a' chaladh gu lèir.

Thuirt Cathraiche an Ùghdarrais, an Caiptein Aonghas Mac a' Ghobhainn, gu bheilear airson alt-aiseag ùr a thogail aig cidhe a h-aon sa chaladh air sgàth 's nach eil na goireasan a th' aca an-dràsta freagarrach airson an aiseag ùr a bhios a' tòiseachadh san t-Sultain.

Cudromach

Thuirt e gu bheil an t-alt-aiseag a th' aig cidhe a h-aon ro bheag agus gu bheil e air a bhith ann o chionn còrr is 40 bliadhna.

"Ma thachras càil ris an t-alt-aiseag a tha sinn a' cleachdadh airson an Loch Seaforth, chan eil àite eile anns na h-Eileanan Siar far an tig i a-steach.

"Cuideachd, nan tachradh càil thall ann an Ulapul, chan eil àite air taobh an iar Alba dhan tigeadh i a-steach," thuirt e.

Anns an t-Samhain, dhaighnich Àrd-oifigear an Ùghdarrais, Sìne NicÌomhair, cho cudromach 's a tha an t-uidheamachd: "Tha sinn den bheachd gur iad na h-altan-aiseig am bun-structair as cudromaiche san eilean.

"Ma 's e dìreach aon a th' againn as urrainn ceangal ris an aiseig ùr, tha e gar fàgail ann an suidheachadh cugallach dha-rìribh," thuirt Ms NicÌomhair.

Leasachaidhean

Tha CalMac air a ràdh gun cùm iad an Isle of Lewis co-dhiù bliadhna gus am faic iad dè mar a thèid cùisean air an ath shamhradh.

Thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn gu bheilear riaraichte gu bheil nàdar 'back-up' aca, ach gu bheil iad teagmhach leis cho neo-earbsach 's a tha an aiseig.

Tha an t-Ùghdarras am beachd leasachaidhean mòra, luach nam milleanan, a dhèanamh air a' chaladh gu lèir sna bliadhnaichean ri thighinn.

Thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn gu bheil an riaghaltas mothachail mu am planaichean, ach nach deach càil air am beulaibh gu h-oifigeil fhathast.

Thathar an dòchas crìoch a chur air a' phlana ro dheireadh an t-Samhraidh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh